Stiùidio Ostaig
Isle of Skye | An t-Eilean Sgitheanach
4.jpg

Pròiseactan

Screen Shot 2018-11-15 at 16.35.32.png

CÙRSA GOIRID ANN AN RIOCHDACHADH FUAIME CRUTHACHAIL

'S e cùrsa 5 làithean a tha seo ann an riochdachadh fuaime cruthachail airson luchd-tòiseachaidh agus phroifeiseantach, air a theagasg leis an riochdaire, neach-ciùil is neach-ealain-fuaime, Hector MacInnes. Bidh an ath chùrsa samhraidh ann eadar 8 is 12 Iuchar 2019.

 
TREES.jpeg

SEISEANAN AN T-SABHAIL/BIG BARN SESSIONS

Air a mhaoineachadh le Youth Music Initiative is air a lìbhrigeadh le Outboard. Tha cothrom an lùib nan Seiseanan do dhaoine òga a thighinn don stiùidio airson trì làithean airson pròiseact clàraidh, riochdachaidh no sgrìobhaidh a thoirt gu buil. Tha sinn air luchd-ciùil sònraichte fhaicinn an sàs anns a' phròiseact seo cheana agus tha àite no dhà ri fhaighinn fhathast ann an 2019.