Isle of Skye | An t-Eilean Sgitheanach
1.jpg

An Stiùidio

 

Stiùidio Ostaig

'S e ionad clàraidh, cluiche is cruthachaidh ioma-seòmar a th' ann an Stiùidio Ostaig anns an Eilean Sgitheanach àlainn air taobh siar Gàidhealtachd na h-Alba. Tha an stiùidio an teis-meadhan nan seallaidhean iongantach agus tha e stèidhichte ann an aon de na h-ionadan cultarail as cudromaiche an Alba. 'S e seo an dearbh àite airson a' phròiseict ciùil no fuaime agad – às bith dè th'ann.

 
 
LIVE.jpeg

AN SEÒMAR BEÒ

Tha seòmar beò mòr sùbailte againn mu 40m2, le fuaim air leth math ann agus sgrìonaichean so-ghluasadach. 'S e seòmar math a tha seo airson buidhnean beaga a chlàradh, agus airson fuaim choileanta seata dhrumaichean, pìob mhòr no fiù 's còisir a ghlacadh.

 
Screen Shot 2018-11-15 at 14.38.05.png

AN SEÒMAR STIÙIRIDH

Tha an seòmar stiùiridh suidhichte shuas an staidhre os cionn an t-seòmair bheò taobh thall uinneag fuaim-dìonach. Tha na prògraman DAW as cumanta sa ghnìomhachas againn a leithid Pro Tools, Logic agus Ableton Live.

 
BOOTH.jpeg

AM BÙTHAN

Chaidh am bùthan a chur ris an stiùidio o chionn ghoirid is e air a dhealbhadh a dh'aona-ghnothach airson seòmar beò mòr. Tha e air a dhìon gu tur am broinn an t-seòmair bheò agus 's e àite tioram neodrach a th' ann.

 
Screen Shot 2018-11-15 at 14.30.04.png

ÀITEACHAN A BHARRACHD

Tha an stiùidio stèidhichte air siostam lìonraidh Dante agus tha seo a' leigeil leinn pàirtean eile den togalach a chleachdadh – a leithid Talla Mòr ainmeil an t-Sabhail – mar làrach clàraidh beò, mar sheòmar fa leth le fuaim dhiofraichte no fiù 's mar sheòmar mac-talla.

 
IMG_2206.JPG

Uidheamachd

Mac mini 3Ghz i7
Mac Pro
Pro Tools 12, Logic Pro X, Ableton Live

C24

DPA 4006 x 2, Neumann TLM103 x 2, Neumann TLM 193, Neumann KM184, Josephson C42, AKG C414-XLS, Beyer M99

Focusrite Rednet X2P, Audient ASP008, FMR Audio RNP

Dynaudio BM6A MkII, Avantone Mixcube

Dante network featuring Focusrite Rednet and Delec DIO
Ferrofish A16